Julie Fowlis - Tha Mo Ghaol Air Aird a Chuan

Song Rating: 8.75/10

Song lyrics:

Feasgar ciùin an tùs a Chèitein
Nuair bha n ialtag anns na speuran
Chualaim rìbhinn òg s i deurach
Seinn fo sgàil nan geugan uain
Bha a ghrian sa chuan gu sìoladh
S reult cha d èirich anns an iarmailt
Nuair a sheinn an òigh gu cianail
Tha mo ghaol air àird a chuain

Thòisich dealt na h-oidhch ri tùirling
S lùb am braon gu caoin na flùrain
Shèid a ghaoth na h-oiteig chùbhraidh
Beatha s ùrachd do gach cluan
Ghleus an nighneag fonn a h-òrain
Sèimh is ciùin mar dhriùchd an Òg-mhìos
S bha an t-sèisd seo g èirigh n còmhnaidh
Tha mo ghaol air àird a chuain



Chiar an latha is dheàrrs na reultan
Sheòl an rè measg neul nan speuran
Shuidh an òigh, bha bròn ga lèireadh
S cha robh dèigh air tàmh no suain
Theann mi faisg air reult nan òg-bhean
Sheinn mu gaol air chuan bha seòladh
O bu bhinn a caoidhrean brònach
Tha mo ghaol air àird a chuain

Rinn an ceòl le deòin mo thàladh
Dlùth do rìbinn donn nam blàth-shul
S i ag ùrnaigh ris an Àrd-Rìgh
Dìon mo ghràdh th air àird a chuain
Bha a cridh le gaol gu sgàineadh
Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i
Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt
Thill mi slàn bhàrr àird a chuain

Date of text publication: 17.01.2021 at 13:58